Pages

Friday, January 28, 2011

Cor nan Rathaidhean

Feumaidh tu a bhith faiceallach na dhraibhear ann an Inbhir Narann. Chan ann a-mhàin a tha na cunnartan abhaisteach air do bheulaibh ach tha agad seorsa de slalom a dheanamh gus na tuill as miosa a sheachnadh. Chan e rud math a tha sin idir, idir gu h-araidh nuair a tha coisichean faisg air làimh. An t-seachdain seo chaidh thàinig beagan fuasgladh air a’ chuis. Direach as dèidh a nochd dealbhan den bad na bu mhiosa den A96 air loidhne, sgriobh Fearhas MacEòghain BPA post-dealain do na ceannaird aig BEAR Alba, ‘s ann le iadsan a tha an dleasdanas airson an A96. Thuirt e gum biodh e a’ toirt sùil air na tuill e-fhein aig an deireadh seachdain. Cha d’fhuair e cothrom ge-tà. Chaidh an lionadh sa bhad, seadh ‘s e càraidh sealach a bh’ann ach thill iad aig ceann sia laithean eò agus dh’obraich sgioba mòr, mòr feadh na h-oidhche gus a h-uile càil a chur ceart buileach glan.

Gu mì-fhortanach san fharsaingeachd chan eil mòran dòchas ann nam bheachd-sa agus chan ann an Inbhir Nàrann ach samhla air ciamar a tha cùisean air feadh na Gaidhealtachd agus. Tha an Riaghaltas air £15 muillean a' gealltainn do na h-ùghdarrasan ionadail gus leasachadh a thoirt air cùisean. Gheibh Comhairle na Gàidhealtachd £1.6 muillean as dèidh a h-uile sgillean de bhuidseat geamhradh nan rathaidean a chosgadh mu thràth.

Tha fhiosam nach eil e furasta coltas a dhèanamh eadar Siorrachd Lincoln ann an Sasainn ach a-rèir am BBC tha iadsan a’ gearain gu bheil £300 muillean a dhìth orra gus na rathaidean a charadh gu ceart. A-nis ‘s e Siorrachd mhòr a th’ann an Lincoln le sluagh de 700,000 le grunn bailtean mora agus pailteas rathaidean eadarra dìreach mar a tha moran sgìrean ann an Alba. Saoil de a chosgadh e gus a h-uile toll a chur ceart ann an Alba? £1,000,000,000 ‘s dòcha? Saoilidh mi gum bi beachd aig na h-eòlachean agus rudeigin na laighe air sgeilp air choireigin ann an Taigh an Ròid. Ciamar as urrainn do Alba fiù ‘s toiseach toiseachaidh a chur air doigh. Chan eil ach gainnead airgid agus gearraidh tro na cnaimh agus an uair chun smior air ar.beulaibh. A bheil dòigh idir faighinn as an staing a tha seo?Bidh feill mhor air na Land Rovers agus 4x4 no dad sam bith le deagh suspension sna bliadhnaichean a tha romhainn, faodaidh tu a bhith cinnteach as.

No comments:

Post a Comment