Wednesday, March 20, 2013

Colbh Gàidhlig 1 – Brogan ùra

A new weekly Gàidhlig (Gaelic) column on the Gurn 

Halo a chàirdean. Chan ann gu tric a tha mi a’ sgrìobhadh sa Gàidhlig sna laithean seo. Mar sin, chuir mi romhan gum sgrìobh mi colbh gach seachdainn air a’ Ghurn. Ma dh'fhaoidte  bi fios agad gu bheil blog Gàidhlig agamsa aig “Cha bhithinn as a h-aonais”. Uill gu mì-fhortanach tha mi air a bhith caran leisg thall an sin. Co-dhiù Carson nach cuir beagan a-steach dhan struth bheurla air a’Ghurn. Chithear gu bheil colbh Gàidhlig sa P&J agus a’ Chourier. Ma bhios sin ma gu leòr dhaibhsan uill nì sin a chùis ann a sheo cuideachd.

 A-nis, puing cudromach dhuibh, nì mi mearachdan. Ma tha thu nad bhall den pholieas gràmar uill b’fheàirrde dhut le làrach Bord na Gàidhlig son rudeigin ceart sa h-uile dòigh. 


Uill mo chuid bhrogan ùra. Cha mhòr nach eil mo sheann bhrogan air an rathad dhan t-sitig. ‘S ann gu math dèidheil air na seann bhrogan ud a tha mi. Nam bheachd chìthear cruth agus coltas gu math comhfurtal orra – cruth a tha mi air fas cleachdte ris. Ach mu dheireadh thall tha iad tuiteam as a chèile. Chaidh mi a-null gu DE Shoes son paidhir ùr. Cha robh brogan freagarrach dhomh aig an àm ach thainig iad as dèidh da latha. ‘S iomadh rud a tha mi a’ ceannaich air loidhne ach ‘s fheàrr leam brogan a cheannaich bhon bhuth. Chan ann leis a h-uile duine a tha sin ge-tà agus bidh DE Shoes a dhùnadh mur a bheil companaidh no cuideigin eile ga cheannaich. Nar linne gheibhear mòran ag atharrachadh agus gu h-àraidh coltas na prìomh sràide. Cò aig a tha fios cia mheud buthan a bhios air fhagail dhuinn sa bhaile seo aig ceann na Bliadhna. Dè nì sinn leis na toglaichean falamh seo? Tha cruaidh fheum againn air tachartasan agus aiteachan inntinneach ann an teas mheadhan a’ bhaile. Feumaidh sinn a bhith smaoineachadh seachad air meanbh-reic (retail) a-nis. A bheil beachd agad? 

Sin agad e bhuamsa an-diugh, bidh mi air ais aig an aon am an ath sheacdain. Tioraidh

1 comment:

Anonymous said...

Tha do bhrogan breagha - tha mi 'n dòchas gu bheil iad cofhurtail!

'S toil leam do cholbh Gàidhlig - 's dòcha gum bidh e nas fhearr na An Litir Bheag! Thoir an aire, Ruairidh MacIlleathain….