Saturday, March 30, 2013

Colbh Gàidhlig 2 - Dàimh


Le crioch an an t-seusain air faire a-nis feumar a radh gur e leaga annabarrach inntineach a th’ ann an leaga na Gàidhealtachd am bliadhna. Gheibhear còig sgiobaidhean fhathast aig a bheil cothrom a’chuis a dhèanamh. ‘ Se sin Inbhir Narann, Clach, Inbhir Uige, Formartine agus Còbh. An diugh thèid Inbhir Narann gu Baile Thurra agus cha bhi sin furasta idir idir, rinn iad math an aghaidh Huntlaidh Diciadain. Cha d’rinn sinn math idir aig Parca Bana-phrionnsa Rioghail air an aon oidhche ge-tà, bhuannaich Uisge Dubh-Eirinn 1-0 ach abair thusa gun robh cothroman gu leòr againn ach gu mì-fhortanach fhuair “Mo” Morisdean ceart dearg, cnap starra nach bu bheag feumaidh mi a ràdh.. 

 Ach que sera, sera, mar a chanas iad. Chì sinn dè thachras leis a sin. Bu toil leam rudeigin a radh a-nis mu dheidhinn cuisean eadar nan cluicheadairean, na luchd-leantainn agus a’ bhòrd. Abair thusa gun d’rinn sin ceum air adhart leais a sin ann an 2013. Thoishich na luchd leantainn airgid a thogail son leasachaidh na Pairce aig deireadh an Fhaoillich
agus cha mhor nach eil £10,000 sa sporann an diugh agus cha do thoisich tachartasan a cuir iad air dòigh fhathast. Tha cuid den bheachd gum bidh sin a’ streap suas gu 20K aig deireadh na bliadhna. Innis mi beagan a bharrachd dhut mu an dheidhinn sa cholbh seo an ath-sheachdainn. Rudeigin a tha bualadh orm ge-ta ‘s e sin ciamar a tha a h-uile duine co-ceangailte ris a’cluba giùlain le càch a chéile leis an iomairt a tha seo. Dhomhsa ‘s e faireachdainn gu math sonraichte gus a bhith a’ gabhail pairt anns a h-uile cail a tha seo..

3 comments:

Anonymous said...

Cha toil leam ball-coise, idir idir!

Graisg said...

An toil leibh spors eile?

Anonymous said...

Cha toil... tha mi duilich!