Pages

Wednesday, May 01, 2013

Colbh Gàidhlig 4 - Facebook a’ brosnachadh cuisean ann an Inbhir Narann

Dhomhsa tha e gu math inntinneach ciamar a tha gnothaichean agus buidhnean a’ cleachadh Facebook gus cuisean a ghluasad air adhart. Saoil nach eil doigh dhaibh gan sheachnadh? Chithear cho laidir ‘s a tha taic don Taigh-cluiche a bhios a fosgladh ann an Sraid na h-Eaglaise Dihaoine air an duilleag seo. Saoilidh gum bi an t-aite ur seo cha mhor loma lan air an deireadh seachdainn ‘s tighinn.

Saoilidh mi gur e an t-sanasachd ur a th’ann am Faceboo - agus sanasachd saor an asghaidh. Tha e soillear buileach glan dhomhsa nuair nach do nochd sanas son Taigh-cluiche sa Nairnshire Telegraph. Ma tha 1,300 daoine gad leantainn air facebook de feum a th’ann air caitheamh airgead air sanasachd ann am baile beag Inbhir Narann. B’e a’ mhor chuid dhaibh aig an aois a fregarrach son bhar ur a tha seo. Agus nach math a rinn iad leis an t-seann chluba shoisealta a bha cha mhor na thobhta. Abair thusa gum bi Sraid na h-Eaglaise tighinn beo a dh’aithghearr. Gur math a theid leotha.

Gheibhear eisimpleir eile le Fish ‘n Hits. ‘Se iomairt eile tighinn as cluba luchd-taich Sgioba Ball-coise Siorrachd Narann – ‘s e sin ri radh “Iomairt Leasachaidh na Pairce.” Agus iadsan aig amas make-over a thoirt do Station Parc am bliadhna. Chithear cia mheud a bhios a dhol dhan tachartas agus co eile a fhuair cuireadh a dhol ann. Sa bhad chaidh an naidheachd a-mach sa choimhearsnachd. De rinn sinn mus tainig facebook.?

Fhuair sin teachdaireachd bho te ris an canar Brigette Valance, agus  ise airson taic a thoirt don fheadhainn nach eil fhathast air loidhne no a tha airson an cuid comas an a leudachadh. Cait an deach i sa chiad dol a-mach – air Facebook ann an seo.
           
Direach tri duilleagan a-mach a moran a tha sealltainn dhuinn de th’ann sa bhaile agus de tha dol air adhart. Ma tha thu airson airgid a thoghal son carthannas no buth ur a chur air bhog – an urrainn dhut ga dheanamh don ire as fhearr sna laithean seo gun a bhith cleachadh Facebook?

Fhios'm a chàirdean, chan eil sracan ann. Mise caran leisg feumaidh mi a radh ach chuir mi romham gun sgriobhadh mi rudeigin sa Ghàidhlig. Feumaidh mi mo chuid sgriobhadh a cleachadh fhad's a bheil e fhathast agam agus cha bhi e agam mur a sgriobhas mi rudgein. Mar sin duilich nach eil gramar buileach ceart agus litreachadh. Co-dhiù moran taing son a bhith leughadh seo. Tiors. 

No comments:

Post a Comment