Uill an taca ris na chunnaic sin an uiridh
tha fior dheagh aimsir air a bhith againn agus mise toilichte gu leor leis a
h-uile cail sa gharadh. Tha na craobhan-uabhail fo lan bhlath cuideachd , fhios
agam caran fadalach ach a bheil cuimhne agad ciamar a bha cuisean aig an am seo
an uiridh? Leis cho math sa bha cuisean ann am Mart bha na blathan uile a-mach
fada ro thrath agus thainig pailteas reothadh agus droch tide. Rinn sin sgrios
air na measan beaga agus cha mhor nach robh dad sam bith agam san uabhalghort.
Nise seall air na craobhan am bliadhna agus
mise air mo dhoigh glan. A bharrachd air sin tha am buntanta ann an deagh
shunnd, na tomatohan a fas gu math luath, na unneanan a’ gluasad mu dheireadh
thall agus na ponairean frangach a’ nochdadh mar bu choir.
Saoilidh mi gu bi deagh thoradh air faire
ma bhios an samradh a tha seo a chumail a dol. Chan eil adhbhar a bhith
gearrain an diugh nas motha – tha coltas ann gum bi gathan na greine a’ tumadh
oirnn sa bhaile seo ann an uine nach bi fada sa mhadainn.
Sin agad e bhumsa – gabh mo leisgeil a
chairdean leis a’ ghramar agus litricheadh a tha seo. Tioraidh.
No comments:
Post a Comment