Tuesday, July 02, 2013

Colbh Gàidhlig - Gainnead Deamocrasaidh ann an Inbhir Narann?

Gabhaidh mo leisgeul a chàirdean, mise a-mach air a' chuspair seo a-rithist. Ma tha thu air a bhith leantainn a' Ghurn o chionn ghoirid bidh làn fhios agad gu bheil smachd teann fhathast aig Comhairle na Gaidhealtachd air an Common Good Fund againn. B' ann leis na 80 Comhairleach an a bha a' cho-dhùnadh a-rithist a thaobh Sandown.  A-nis bidh sealbh orra a b' fhiach £340,000 de Sandown. Thèid sin a' dèanamh a-mach ann an dòigh air choireigin nach eil am follais fhathast. Co aig a tha fios ciamar a bhios sin ag obrachadh a-mach sa mhargadh fhearainn a th' ann an diugh? Saoil am faigh iad 5%,10% no roinn nas motha na sin? Dhan neach-amhairc seo tha Sandown mar mheatafor air fada a bharrachd san càirdeas eadarainn agus Inbhir Nis.

Leis an deasbad a tha air bhoil an diugh a thaobh an referendum an ath bhliadhna agus de seòrsa dùthaich a bhios againn an uair sin bu toil leam deasbad co-shìnte nas làidire againn fhaicinn air ciamar a thèid deamocrasaidh ùrachadh ann an craiteachan a leithid Inbhir Narann. Nan robh Alba neo-eisimeileach an tèid cùisean a leasachadh? Tha mi an dòchas gum bi.

An t-seachdain seo thèid sanas naidheachd fhoillseachadh le Comhairle na Gaidhealtachd a' gealltainn leasachadh san càirdeas a th' aca ris a' bhaile seo. Ann an ùine nach bi fada thèid Comitaidh Ionadail ur a chur air bhog, a' gabhail a-steach Inbhir Narann, Bàideanach agus Strath Spè. Bu choir do dh'atharrachadh nach bu beag tighinn air a' ghnothach agus fada a bharrachd air a dhèanamh aig an ìre seo. Tha eagal air feadhainn ge-tà gum faca sinn “bùth-bruidhne” eile 's iadsan a-mach air Fòram na Uaird agus a' Chom-pàirteachas Inbhir Narann – a tha air a bhith gu math sàmhach am bliadhna. An tèid iadsan ùrachadh cuideachd no am faigh iad an t-sitig?

Dhan neach-mhair seo s' e Comhairle Coimhearsnachd singilte a dhith oirnn ann an seo. 'S ann mar sin a cùisean ann an Farrais agus moran bailtean eile ann an Alba. 'S e cnap-starra a th' ann gu bheil trì againn ann an Inbhir Narann. Chan eil guth aonaichte againn agus a-rithist gheibhear searbh-neachdan a tha làidir den bheachd gu bheil sin a' còrdadh ri Comhairle na Gaidhealtachd gu mòr, mòr. Ceart no cearr a tha e 's ann mar sin a tha e le eas-aonta buailteach a nochdadh eadarra. Nan robh Taigh na Roid airson tuilleadh cumhachd a thoirt do Coimhearsnachdan ann an Alba b' fheairrde leinn le aon chomhairle coimhearsnachd gus amasan agus dòchasan muinntir Inbhir Narann a thoirt air adhart.

3 comments:

Anonymous said...

Eh!

Anonymous said...

Chan eil mi a' tuigsinn a h-uile rud, ach tapadh leibh co-dhiù!

Anonymous said...

Beh?