Gabhaidh mo leisgeul a chàirdean, mise a-mach
air a' chuspair seo a-rithist. Ma tha thu air a bhith leantainn a' Ghurn o
chionn ghoirid bidh làn fhios agad gu bheil smachd teann fhathast aig Comhairle
na Gaidhealtachd air an Common Good Fund againn. B' ann leis na 80 Comhairleach
an a bha a' cho-dhùnadh a-rithist a thaobh Sandown. A-nis bidh sealbh orra a b' fhiach £340,000
de Sandown. Thèid sin a' dèanamh a-mach ann an dòigh air choireigin nach eil am
follais fhathast. Co aig a tha fios ciamar a bhios sin ag obrachadh a-mach sa
mhargadh fhearainn a th' ann an diugh? Saoil am faigh iad 5%,10% no roinn nas
motha na sin? Dhan neach-amhairc seo tha Sandown mar mheatafor air fada a
bharrachd san càirdeas eadarainn agus Inbhir Nis.
Leis an deasbad a tha air bhoil an diugh a
thaobh an referendum an ath bhliadhna agus de seòrsa dùthaich a bhios againn an
uair sin bu toil leam deasbad co-shìnte nas làidire againn fhaicinn air ciamar
a thèid deamocrasaidh ùrachadh ann an craiteachan a leithid Inbhir Narann. Nan
robh Alba neo-eisimeileach an tèid cùisean a leasachadh? Tha mi an dòchas gum
bi.
An t-seachdain seo thèid sanas naidheachd
fhoillseachadh le Comhairle na Gaidhealtachd a' gealltainn leasachadh san
càirdeas a th' aca ris a' bhaile seo. Ann an ùine nach bi fada thèid Comitaidh
Ionadail ur a chur air bhog, a' gabhail a-steach Inbhir Narann, Bàideanach agus
Strath Spè. Bu choir do dh'atharrachadh nach bu beag tighinn air a' ghnothach
agus fada a bharrachd air a dhèanamh aig an ìre seo. Tha eagal air feadhainn
ge-tà gum faca sinn “bùth-bruidhne” eile 's iadsan a-mach air Fòram na Uaird
agus a' Chom-pàirteachas Inbhir Narann – a tha air a bhith gu math sàmhach am
bliadhna. An tèid iadsan ùrachadh cuideachd no am faigh iad an t-sitig?
Dhan neach-mhair seo s' e Comhairle
Coimhearsnachd singilte a dhith oirnn ann an seo. 'S ann mar sin a cùisean ann
an Farrais agus moran bailtean eile ann an Alba. 'S e cnap-starra a th' ann gu
bheil trì againn ann an Inbhir Narann. Chan eil guth aonaichte againn agus
a-rithist gheibhear searbh-neachdan a tha làidir den bheachd gu bheil sin a'
còrdadh ri Comhairle na Gaidhealtachd gu mòr, mòr. Ceart no cearr a tha e 's
ann mar sin a tha e le eas-aonta buailteach a nochdadh eadarra. Nan robh Taigh
na Roid airson tuilleadh cumhachd a thoirt do Coimhearsnachdan ann an Alba b'
fheairrde leinn le aon chomhairle coimhearsnachd gus amasan agus dòchasan
muinntir Inbhir Narann a thoirt air adhart.
3 comments:
Eh!
Chan eil mi a' tuigsinn a h-uile rud, ach tapadh leibh co-dhiù!
Beh?
Post a Comment