Tha mi air a bhith leughadh duilleag
facebook ris an canar “Iomairtean Gàidhlig agus beachdan air leth inntinneach.
Bha cuideagin a-mach air an £2,000,000 son fhaclair ur . Seo beagan fiosrachadh air a’ BhBBC mu dheidhinn an da mhilleanan ud.
“Chuirinn 100 rudan air thoiseach seo. Chan
eil structar òigridh againn, chan eil luchd-stiùiridh againn, chan eil ionad
òigridh againn. Chan eile prògram òigridh againn.”
“Tha mi a' smaoineachadh gu bhei sibhl beò
an aisling. Tha £400k nas àirde na tha sinn a' cosg air buidheann Ghàidhlig sam
bith (CnaG, Fèisean nan Gàidheal, PNE, An Comunn mssa), chan eil oifigear
leasachaidh Gàidhlig ann airson iar-thuath Alba, Strath Spe, Barraigh, Uibhist
a Tuath, Taobh an iar Leòdhais, Àird nam Murchan, Tiriodh, Cinn Tìre, Obar
Dheathainn mssa, chan eik againn ach dà sgoil Ghàidhlig ged a bhios sgoil sa
Ghearasdan (Chan eil an sgoil gu bhith air a' Bhlàr aig sgath 's dìth airgid),
chan eil ann ach sgioba glè bheag airson trath-bhliadhnaichean, tha gainnead
thidsearan ann. Tha barrachd airgid ann an £400k 's a tha ann an stòras airgid
sam bith a bh' ann a-riamh airson grantaichean choimhearsnachd.
As dèidh a h-uile rud seo agus nach eile
ach 58,000 luchd-labhairt ann, tha feum air £400k gach bliadhna airson 20
bliadhna. !!!!!!!!!!!
Cha do chosg Campa Sradagan ann an Ìle ach
£5k agus an aon rud airson an dearbh rud anns Na Hearadh.
Thoir dhomh £400k agus bhiodh structar
òigridh ann agus bhiodh dùblachadh ann an cothroman don òigridh taobh a-staigh
bliadhna.”
"Air sgath 's, dhuinne a tha beò san t-saoghal mhòr agus na tha faicinn le àireamhan luchd-labhairt, na h-aoisean, an comas labhairt aig an òigridh agus gur e cuireadh a tha seo dha na namhaidean againn, 's e peillear nar cois fhèin a tha seo.
Tha iomadach rud eile a dhèanadh feum na bu mhotha."
Tha iomadach rud eile a dhèanadh feum na bu mhotha."
"Chan eil mi ga fhaicinn mar phrìomhachas idir. Tha sinn ann an cunntart an cànan seo a' rannsachadh gu bàs."
Uill faodaidh tu tuilleadh leughadh an seo.
A-reir coltais bidh am faclair seo deiseil aig ceann 30 bliadhna. Bidh sin gasda
son an fheadhainn a tha beo aig an am sin. Anns an eadar-ama mhollinsa Fhaclair
a thàinig thugainn saor an asghaidh agus tha e fosgailte an diugh - seo e "Am Faclair Beag". Nas motha na
sin, cha do chosg e dad dhan sporran poblach cuideachd. Foadaidh tu a bhith cinnteach a chairdean, Gàidhlig beo no marbh buileach glan, bidh pailteas rannsachadh ann.
No comments:
Post a Comment