Pages

Monday, August 05, 2013

"Tha sinn ann an cunntart an cànan seo a' rannsachadh gu bàs"

Tha mi air a bhith leughadh duilleag facebook ris an canar “Iomairtean Gàidhlig agus beachdan air leth inntinneach. Bha cuideagin a-mach air an £2,000,000 son fhaclair ur. Seo beagan fiosrachadh air a’ BhBBC mu dheidhinn an da mhilleanan ud.

Nam bheachd neo-chudromach fhèin, femaidh mi aideachadh gu bheil mi ag aontachadh gu mòr, mòr le na leugh mi an diugh air iomairtean. Seo piosan a thog mi dheth:

“Chuirinn 100 rudan air thoiseach seo. Chan eil structar òigridh againn, chan eil luchd-stiùiridh againn, chan eil ionad òigridh againn. Chan eile prògram òigridh againn.”

“Tha mi a' smaoineachadh gu bhei sibhl beò an aisling. Tha £400k nas àirde na tha sinn a' cosg air buidheann Ghàidhlig sam bith (CnaG, Fèisean nan Gàidheal, PNE, An Comunn mssa), chan eil oifigear leasachaidh Gàidhlig ann airson iar-thuath Alba, Strath Spe, Barraigh, Uibhist a Tuath, Taobh an iar Leòdhais, Àird nam Murchan, Tiriodh, Cinn Tìre, Obar Dheathainn mssa, chan eik againn ach dà sgoil Ghàidhlig ged a bhios sgoil sa Ghearasdan (Chan eil an sgoil gu bhith air a' Bhlàr aig sgath 's dìth airgid), chan eil ann ach sgioba glè bheag airson trath-bhliadhnaichean, tha gainnead thidsearan ann. Tha barrachd airgid ann an £400k 's a tha ann an stòras airgid sam bith a bh' ann a-riamh airson grantaichean choimhearsnachd.
As dèidh a h-uile rud seo agus nach eile ach 58,000 luchd-labhairt ann, tha feum air £400k gach bliadhna airson 20 bliadhna. !!!!!!!!!!!
Cha do chosg Campa Sradagan ann an Ìle ach £5k agus an aon rud airson an dearbh rud anns Na Hearadh.
Thoir dhomh £400k agus bhiodh structar òigridh ann agus bhiodh dùblachadh ann an cothroman don òigridh taobh a-staigh bliadhna.”

"Air sgath 's, dhuinne a tha beò san t-saoghal mhòr agus na tha faicinn le àireamhan luchd-labhairt, na h-aoisean, an comas labhairt aig an òigridh agus gur e cuireadh a tha seo dha na namhaidean againn, 's e peillear nar cois fhèin a tha seo.
Tha iomadach rud eile a dhèanadh feum na bu mhotha."

"Chan eil mi ga fhaicinn mar phrìomhachas idir. Tha sinn ann an cunntart an cànan seo a' rannsachadh gu bàs."

Uill faodaidh tu tuilleadh leughadh an seo. A-reir coltais bidh am faclair seo deiseil aig ceann 30 bliadhna. Bidh sin gasda son an fheadhainn a tha beo aig an am sin. Anns an eadar-ama mhollinsa Fhaclair a thàinig thugainn saor an asghaidh agus tha e fosgailte an diugh - seo e "Am Faclair Beag". Nas motha na sin, cha do chosg e dad dhan sporran poblach cuideachd. Foadaidh tu a bhith cinnteach a chairdean, Gàidhlig beo no marbh buileach glan, bidh pailteas rannsachadh ann.  

No comments:

Post a Comment