Diluain agus chaidh mi suas gu Chaladair gus faighinn a-mach dè bha a’ dol aig coinneamh CCC (Chomhairle Coimhearsnachd Chaladair). ‘S e coinneamh gu math inntinneach a bh’ann ann an aite ris an canar (dhomhsa co-dhiù) Ionad Coimhearsnachd Chaladair. Mar a thuirt mi seall air an dealbh, chan e eòlaiche a th’annamsa
ach chanainnsa rudeigin diofraichte a thaboh gràmair – aidh fhios’m nach eil mo chuid sgrìobhaidh foirfe nas motha.
‘S e pàirt den aon togalach ris an sgoil a th’anns an ionad seo agus taobh a-staigh gheibhear soidhneadh dà-chànanch. Bha mi bruidhinn le fear a tha ag obair air a’ phaipear naidheachd againn sa bhaile seo agus mhothaich e am fhacal “rùm” air doras.
Thuirt e rium: “nach eil sin sealltainn dhut cànain ri uach bàis?” Bha e a-mach air iasad facial bhon bheurla.
Ars mise, “tha facal eile ann, ‘seòmar’,” a dh’fhaodadh a bhith nas Gaidhealach agus chan eil fhios’m carson a tha rùm ga chleachdadh .
As dèidh làimh smaoinich mi air agus nach ann às an fhacal fhrangais ‘chambre” a tha seòmar? Iasad eile bho linn eile nuair nach ro a’ mhòr chànan Bheurla cho làidir air a’ Ghàidhealtachd?
No comments:
Post a Comment