Rinn mi sgriob air baidhseagal an de. Chaidh mi air an treana gu Inbhir Nis agus. As deidh dhomh suil a thoirt air an taobh-seallaidh Ceasaig a Deas ( agus nach buidhe dhomh – da leumadair a nochadh aig an deiradh am a thug mi mo camara as mo phocaid) rinn mi air an canal agus as deidh sin trasainn na h-Eileanan Nis gu rathad Dures. Bha an rathad trang ach mhothaich mi nach robh moran caraichean sa Tescos ur (an treas no an ceathramh fear?) aig an timicheallan far a bheil an cuairt rathadh a’ stad an drasta ann an achadh agus connspaid gu leor. Chum mi a dhol ach saoilidh mi gur e rathad cunnartach a bh’ann gus an robh cothrom an rathad samach eile agus slighe shonraichte cleachadh do Dures.
Aig an Taigh Osda Dures ghabh mi biadh agus pinnt shandy. Cha robh Loch Nis cho breagha sa b’abhaist dha a bhith le ceo a’ chladaich tighinn a-steach cho fada ris an loch. Ged a chuala mi gur e latha breagha, breagha a bh’ann air an toabh an iar cha robh grian ri fhaicinn air an taobh seo ged a bha Caisteal Urchaidh ri fhaicinn bha coltas doilleir air. Cha do chuir sin cus dragh orm ge-ta bha e freagarrach gus a bhith air baidhseagal.
Nuair a thill mi gu Inbhir Nis thug mi an cuairt rathad agus bha taighean ura agus moran eile ri fhaicinn air gach taobh. Bha slighe shonraichte an seo son baidhseagailan an seo cuideachd agus bha sin a chord a rium, bha caraichean agus laraidhean gu leor air an rathad fhein. Chaidh mi seachad air an Asda ur agus Sgoil Gaidhlig Inbhir Nis air an taobh eile. Saoildh mi gur e sia no seachd kilometre de cuairt-rathaid a th’ann. Seachad air na buthan mora eile ri taobh an Tesco eile agus mise cha mhor air an rathad dachaigh. Bhithinnsa a dhol suas gu Cuil Lodair agus an uair shios dhan tursachan Clabha agus an rathad ‘1’ ofigeach son baidhseagailan. ‘S e rathad na bu dorra a th’ann ach samhach agus breagha. Ged a tha faisg air deich mile a bharrachd air an taobh sin b’fhiach e, ‘s e eacarsaich a dhith orm cuideach agus mise a deanamh deiseil son Slighe an Gaidhealtachd an Iar as an t-Sultain.
As deidh timicheallan na-h-Innseachan chaidh mi tarsainn an drochaidh os cionn an A9. Chuir e iongnadh orm de cho trang sa bha na solas-trafaig agus ciuthan caraichean fada, fada air gach toabh dheth, shios dhan A9 agus a-mach a shealladh suas rathadh Cuil Lodair. Fhios’m gu bheil traffaig Inbhir Nis buailteach a bhith craicte sa mhadainn agus air an fheasgar ach cha robh seo ach leth uair an deidh uair. Air an taobh cli bha na toglaichean Oilthigh na Gaidhealtachd a dhol suas gu luath. Fhios agam gu bheil a’ Ghaidhealtachd airidh air a leithid ach de thachras an seo nuair a thig na h-oileanaich agus na h-ollamahan sna caraichean fhein? A bheil na siostam rathaidean Inbhir Nis comasach a deileaghadh ris?
Staing traffaig air Rathad Cuil Lodair Inbhir Nis |
Feumaidh mi radh chan eil gainneadh busaichean ann an Inbhir Nis, chunnaic mi moran dhiubh agus daoine air baidhsaigealan cuideachd ach ma th’agad ri rudeigin a dheanamh sa bhaile mhor thog a mhor-chuid an caraichean aca orra. Gu dearbh fhein tha sin uile beo ann an linne far a bheil sinn an eismeil caraichean agus de ghabhas a dheanamh? Saoilidh mi gur ann mar sin a bhios e san am a tighinn oirnn gus an latha a bhios pris ola cus agus an uair sin de thachras?
Dealbhan bhon sgirob a bha seo ann a sheo air flickr.
The photo is Inshes at Inverness but how do I translate this???
ReplyDeleteNo translation I'm afraid just something for those out there that in Gurnshire and beyond who like a little Gàidhlig. Just as the columns in the Friday Courier and Saturday P&J don't come with translations.
ReplyDeletePS Google doesn't have a translation facility Gàidhlig to English but they do have Irish to English - the results will be bizzare if you try it but might give you some more clues.
ReplyDeleteTha mi toilichte gun dh'fhuair thu dhaichaidh slàn! Bidh na rathaidean glè thrang agus bidh a h-uile duine a' draibheadh glè luath.
ReplyDelete