Feasgar math chàirdean,
‘S fada bhon a bha mise sgrìobhadh dad sa Ghàidhlig air gurnnurn.com ach tha mi air a bhith trang ann an saoghal na Beurla (chan urrainn dhut ga sheachnadh gu mì-fhortanach). Mise an dòchas nach eil an t-artaigil seo ro robach a thaobh gràmair.
Co-dhiù, a-nochd bu toil leam innse dhomh carson a bhios mise a bhòtadh son Steafan Fuller san fo-thaghadh Comhairle na Gaidhealtachd - Uàird 19 Inbhir Narann a-màireach. Nam bheachd fhèin tha cruaidh fheum againn air daoine diofraichte san seòmar deasbad rathad Glenn Urchaidh. ‘S e duine òg a th' ann an Stefan, duine a tha a’ fuireach ann an Queenspark. Duine aig a bheil dithis chloinne. Duine a tha tuigsinn ciamar a tha e son a bhith strì gus a h-uile càil a cumail a dhol rèidh san eaconamaidh a th' againn an diugh agus ciamar a tha cuisean a bualadh air mòran ann an Inbhir Narann. Duine aig a bheil conaltraidh leis an fheadainn eile beagan nas òige cuideachd.
Steafan Fuller agus feadhainn den sgioba PNA Inbhir Narann |
S
e sin an seòrsa duine a dhith oirnn air Comhairle na Gaidhealtachd.
Duine as a’ chlas obrach làn tuigse de cho cruaidh a tha cuisean
son mòran a tha fuireach ann an Inbhir Narann. Tha mi an dòchas gum
bi sibhse deònach do chuid taic a chur ri Stefan a-màireach nuair a
thèid sibh air na bùthan-bhòtaidh. Mur a bheil – uill gabh mo
leisgeil bidh ceithir eile air a’ phàipear-bhòtaidh agus cothrom
dhut a dèanadh mar a thogras tu.
Sin agad e bhuamsa a-nochd càirdean – Bhòt Steafan Fuller a-màireach!
In the article above this observer explains why he is voting for Stephen Fuller in the Highland Council byelection tomorrow.
3 comments:
Bidh mi a bhòtadh airson Steafan cuideachd! Agus airson Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba aig Westminster.
Tha mi 'n dòchas gun dèan SNP uabhasach math a-màireach. 'S urrainn dhuinn cuir cruth eile air cuisean!
I think @craisg you might find a bit of red pen on your post once the Gaelic police get hold of it
7/10, must try harder ;-)
@ gun ainm: a bheil? 's e sin toradh ceithir bliadhna aig Oilthigh Obar Dheathainn feumaidh mi aidheachadh.
Post a Comment