Wednesday, May 06, 2015

Carson a bhios an Gurnmeister a bhòtadh son Steafan Fuller anns an fo-thaghadh Comhairle na Gaidhealtachd (Uàird 19 Inbhir Narann) a-màireach

Feasgar math chàirdean, 

‘S fada bhon a bha mise sgrìobhadh dad sa Ghàidhlig air gurnnurn.com ach tha mi air a bhith trang ann an saoghal na Beurla (chan urrainn dhut ga sheachnadh gu mì-fhortanach). Mise an dòchas nach eil an t-artaigil seo ro robach a thaobh gràmair.

 Co-dhiù, a-nochd bu toil leam innse dhomh carson a bhios mise a bhòtadh son Steafan Fuller san fo-thaghadh Comhairle na Gaidhealtachd - Uàird 19 Inbhir Narann a-màireach. Nam bheachd fhèin tha cruaidh fheum againn air daoine diofraichte san seòmar deasbad rathad Glenn Urchaidh. ‘S e duine òg a th' ann an Stefan, duine a tha a’ fuireach ann an Queenspark. Duine aig a bheil dithis chloinne. Duine a tha tuigsinn ciamar a tha e son a bhith strì gus a h-uile càil a cumail a dhol rèidh san eaconamaidh a th' againn an diugh agus ciamar a tha cuisean a bualadh air mòran ann an Inbhir Narann. Duine aig a bheil conaltraidh leis an fheadainn eile beagan nas òige cuideachd.

Steafan Fuller agus feadhainn den sgioba PNA Inbhir Narann 

S e sin an seòrsa duine a dhith oirnn air Comhairle na Gaidhealtachd. Duine as a’ chlas obrach làn tuigse de cho cruaidh a tha cuisean son mòran a tha fuireach ann an Inbhir Narann. Tha mi an dòchas gum bi sibhse deònach do chuid taic a chur ri Stefan a-màireach nuair a thèid sibh air na bùthan-bhòtaidh. Mur a bheil – uill gabh mo leisgeil bidh ceithir eile air a’ phàipear-bhòtaidh agus cothrom dhut a dèanadh mar a thogras tu. 

Sin agad e bhuamsa a-nochd càirdean – Bhòt Steafan Fuller a-màireach! 

In the article above this observer explains why he is voting for Stephen Fuller in the Highland Council byelection tomorrow.

3 comments:

Anonymous said...

Bidh mi a bhòtadh airson Steafan cuideachd! Agus airson Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba aig Westminster.

Tha mi 'n dòchas gun dèan SNP uabhasach math a-màireach. 'S urrainn dhuinn cuir cruth eile air cuisean!

Anonymous said...

I think @craisg you might find a bit of red pen on your post once the Gaelic police get hold of it

7/10, must try harder ;-)

Graisg said...

@ gun ainm: a bheil? 's e sin toradh ceithir bliadhna aig Oilthigh Obar Dheathainn feumaidh mi aidheachadh.