Ann an
ùine nach bi fada bidh Comhairle na Gaidhealtachd fiachainn ri
gearraidhean 40 milleanan a cuir an gnìomh. Ciamar a bhios sin
bualadh air Inbhir Narann, am bi dad air fhàgail de na seirbhisean
poblach a tha sinn cleachdte ris an diugh? Gheibhear mòran làidir
den bheachd nach eil Inbhir Narann a' faighinn a chuid chothromach sa
chiad dol a-mach, 's e “equitable share” sa Bheurla a tha aig
feadhainn leis a sin. Mar sin dh'fhaodte na gearraidhean bualaidh
oirnn na bu mhiosa na Inbhir Nis agus badan eile air a'
Ghaidhealtachd.
Bho 1975
a-mach nuair a fhuair Comhairle Sgìre Inbhir Narann bàs dh'imrich
mòran a bh' ann gu Inbhir Nis “Invercentralism” mar a chanas
iad. Mar as motha a chaidh sin air adhart 's ann as làidir a dh'fhàs
beachd muinntir Inbhir Narann gun robh iadsan os cionn seirbhisean
anns a bhaile mhòr dìreach son Inbhir Narann faicinn mar
iomall-bhaile.
A-nis
chithear iomairt ur tighinn as Taigh an Roid le Bile Cumhachdachadh
na Coimhearsnachdan. Le sin bu chòir cumhachd a thilleadh gu
bailtean a leithid Inbhir Narann. Tha na Coimhairlean Coimhearsnachd
deiseil agus deònach, tha iadsan agus buidhnean eile sa bhaile air a
bhi strì an aghaidh iomairtean a tha air a bhith mì-fhreagarrach
dhuinn o chionn fhada. Seall air Inbir Narann a Deas mar eisimpleir
agus an rannsachadh poblach na chois, rudeigin a tha na planadairean
air a bhith sparradh air a' choimhearsnachdan. Chan eil muinntir
Inbhir Narann an aghaidh leasachaidh san fharsaingeachd, tha iad
dìreach airson smachd a ghabhail os làimh iad fhèin: tha iad ag
iarraidh leasachaidh a tha iomchaidh agus seasmhach – agus tha sin
a' ciallachadh leasachaidh tighinn as a' choimhearsnachd agus chan
eil leasachaidh tighinn bhon na planadairean Comhairle na
Gaidhealtachd ann an Inbhir Nis agus luchd-leasachaidh nach eil a
fuireach sa bhaile cuideachd.
Tha
Inbhir Narann a Deas air tilleadh a-rithist le cho-chomhairleachadh
eile air bhog (thoir sùil air an Nairnshire Telegrapah an
t-seachdainn-sa). Am bi Comhairle na Gaidhealtachd ag èisteachd ri
muinntir Inbhir Narann no am bi againn na sràidean a' gabhail oirnn
turas eile? Nach b' fheairrde Comhairle na Gaidhealtachd a bhith
brosnachadh leasachaidh aig Buaile na Gainmhich (Sandown) an aite
Inbhir Narann a deas leis a gainnead bun-structair ann an sin. Chan
eil dòigh ga sheachnadh tha Rathaid Caladair eagalach cunnartach ma
tha agus chan eil dòigh ann dad a dhèanamh leis an drochaidh rèile
mur a bheil muilleanan agad. A bharrachd air sin 'se talamh
coitcheann (common good land) a th' ann an Buaile na Gainmhich agus
bhiodh sin math son ionmhais an urrais sin agus na bu choir
dleastanas a bhith ach Comhairle na Gaidhealtachd mar urrasairean sin
a dhèanamh sa chaid dol a mach?
Am bi aig muinntir Inbhir Narann na sràidean a ghabhail orra a-rithist?
Uill
dè dol a thachair? Am bi iad ag èisteachd rinn ann an àrainneachd
bhàidheal tighinn as a' bhile a tha a dol tro Taigh an Roid an
dràsta fhèin no am bi cuisean nas miosa buileach aig am a tha
gearraidhean sgrathail air faire. Am bidh smachd a tilleadh don
bhaile bho Inbhir Nis? Gheibhear pailteas daoine a tha deònach an
cuid taic a thoirt do iomairtean coimhearsnachd ach sa chiad dol a
mach feumaidh fada a bharrachd rian a bhith stèidhichte sa bhaile
seo agus chan ann an Inbhir Nis. Dh'fhaodte sinn iomadachd cothrom a
chruthachadh nan robh na h-innealan nar làmhan fhèin agus saoilidh
mi nach eil Inbhir Narann na aonar san suidheachadh sin.
Dè bu chòir dhuinn a dhèanamh?! Chan eil airgead gu leòr ann.
ReplyDeleteAir an cuspair eile... carson a tha "Rotary Club" a' dol gu Sainsburys? Carson nach eil iad a' cuideachadh meadhan a' bhaile?
'S docha gu bheil an Rotary laidir den bheachd gum bi tuilleadh daoine shuas an sin - gun ìre ruigsinn a-nis far nach b'fhiach e idir, idir a bhith air a' phrìomh shràid.
ReplyDelete