Pages

Friday, January 29, 2016

Bratach do dh'Inbhir Narann?

"Chaidh moladh gun deadh beachdachadh air bratach a dhealbh airson Inbhir Narann, beagan làithean às dèidh do Ghallaibh am bratach aca fhèin fhoillseachadh.

'S ann bho Dhes Scholes, a tha na bhall de Chomhairle Choimhearsnachd Inbhir Narann, a nochd am moladh, 's blog aige air a bheil "A Gurn from Nurn".

Tha e den bheachd nach eil Inbhir Narann glè thric air aithneachadh mar sgìre air leth bho Inbhir Nis, agus gur e dòigh a bhiodh an seo airson sin a leasachadh.

"Tha cruaidh-fheum againn air beagan fhèin-aithne saoilidh mi agus 's e àite sònraichte a th' ann ... tha sinn beagan fo smachd Inbhir Nis agus airson a bhith beagan eadar-dhealaichte nì bratach a' chùis airson a h-uile càil - turasachd, seòrsa thuathanasan a th' againn - fèin-aithne mar a chanas mi agus 's dòcha fiù 's spòrs". "

No comments:

Post a Comment